1
Agus thoisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; is chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor gun deachaidh e air bord bata 's gun do shuidh e sa bhata air a mhuir, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir;
2
Agus theagasg e moran nithean dhaibh an dubhfhacail, is thuirt e riutha 'na theagasg:
3
Eisdibh: Seall chaidh fear-cuir a mach a chur.
4
'S nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus thainig eoin an athair, agus dh' ith iad e.
5
Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran uire aige: 'S ghrad-dh' fhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige:
6
'S nuair a dh' eirich a ghrian, shearg e; 's bho nach robh friamh aige, shearg e as.
7
Agus thuit cuid eile dheth am measg dhreaghan; agus dh' fhas an dreaghan suas, is thachd e e, agus cha tug e mach toradh.
8
Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dh' fhas e suas, is chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.
9
Is thuirt e: Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.
10
Agus nuair a bha e leis fhein, dh' fhaighnich na dha dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth.
11
Is thuirt e riutha: Thugadh dhuibhse eolas air run -diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhsan, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail,
12
Air chor 'sa faicinn gum faiceadh iad, 's nach bu leir dhaibh; 'sa cluinntinn gun cluinneadh iad, 's nach tuigeadh iad: eagal gun tionndaidh iad uair sam bith, 's gum mathte dhaibh am peacannan.
13
Is thuirt e riutha: Nach tuig sibh an dubhfhacal so? agus ciamar a thuigeas sibh a h-uile dubhfhacal?
14
Esan a tha cur, tha e cur an fhacail.
15
Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, is togaidh e air falbh am facal a chuireadh nan cridheachan.
16
Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas:
17
'S chan eil friamh aca unnta fhein, agus cha mhair iad fada; nuair a dh' eireas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a tuiteam air falbh.
18
Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; 'siad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal
19
Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nithean eile a dol a stigh 'sa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh.
20
Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, 's iad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal, 'sa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte.