The Bible

 

Marc 4:1-20 : Parable of the Sower

Study

1 Agus thoisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; is chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor gun deachaidh e air bord bata 's gun do shuidh e sa bhata air a mhuir, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir;

2 Agus theagasg e moran nithean dhaibh an dubhfhacail, is thuirt e riutha 'na theagasg:

3 Eisdibh: Seall chaidh fear-cuir a mach a chur.

4 'S nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus thainig eoin an athair, agus dh' ith iad e.

5 Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran uire aige: 'S ghrad-dh' fhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige:

6 'S nuair a dh' eirich a ghrian, shearg e; 's bho nach robh friamh aige, shearg e as.

7 Agus thuit cuid eile dheth am measg dhreaghan; agus dh' fhas an dreaghan suas, is thachd e e, agus cha tug e mach toradh.

8 Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dh' fhas e suas, is chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.

9 Is thuirt e: Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.

10 Agus nuair a bha e leis fhein, dh' fhaighnich na dha dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth.

11 Is thuirt e riutha: Thugadh dhuibhse eolas air run -diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhsan, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail,

12 Air chor 'sa faicinn gum faiceadh iad, 's nach bu leir dhaibh; 'sa cluinntinn gun cluinneadh iad, 's nach tuigeadh iad: eagal gun tionndaidh iad uair sam bith, 's gum mathte dhaibh am peacannan.

13 Is thuirt e riutha: Nach tuig sibh an dubhfhacal so? agus ciamar a thuigeas sibh a h-uile dubhfhacal?

14 Esan a tha cur, tha e cur an fhacail.

15 Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, is togaidh e air falbh am facal a chuireadh nan cridheachan.

16 Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas:

17 'S chan eil friamh aca unnta fhein, agus cha mhair iad fada; nuair a dh' eireas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a tuiteam air falbh.

18 Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; 'siad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal

19 Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nithean eile a dol a stigh 'sa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh.

20 Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, 's iad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal, 'sa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte.

Commentary

 

God's Ways

By Todd Beiswenger


To continue browsing while you listen, play the audio in a new window.

We're taught that God's ways are not our ways, that they're higher than our ways. In the parable of the sower we learn that God is generous, giving to all, no matter what the soil is. He doesn't force the soil to be fertile, but offers His seed to it anyway. But it goes beyond just generosity. God actually shows that part of what He does is protect the evil from themselves. He blesses them, and helps them be as happy as they will allow themselves to be. It's hard for us to understand, but God loves all of His children, and blesses them all even if we wouldn't.

(References: Arcana Coelestia 2568; Mark 4:1-20)