31
'Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis.
32
Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air.
33
Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir 'na chluasan; 's le shile bhean e dha theangaidh;
34
'S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d' fhosgladh.
35
Agus san uair dh' fhosgladh a chluasan, agus dh' fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart.
36
Is dhaithn e orra gun iad a dh' innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh' aithn e orra 'sann is mua bha iadsan ga innse;
37
Agus sann is mua ghabh iad ioghnadh, ag radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt.