Marc 9

Estude

   

1 Is thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gu bheil cuid dhiu-san, a tha 'nan seasamh an so, nach blais bas, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd.

2 Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, is Seumas, agus Eoin; is threoraich e iadsan leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dh' atharraicheadh a chruth 'nan lathair.

3 Agus dh' fhas eideadh dealrach is ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh.

4 Is chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa.

5 Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, 'sa h-aon do Elias.

6 Oir cha robh fios aige ciod a bha e ag radh; chionn 's gun robh iad fo fhiamh ro-mhor.

7 Agus bha nial a cur sgaile orra, agus as an nial thainig guth, ag radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris.

8 'S ag amharc san uair mun cuairt orra, chan fhac iad duine, ach Iosa na aonar maille riutha.

9 'Sa tearnadh bhon bheinn, dh' aithn e orra, gun iad a dh' innse do neach sam bith nan nithean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh.

10 Is gleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, de bha, gus an eireadh e bho na mairbh, a ciallachadh.

11 Agus dh'fharraid iad dheth, ag radh: Carson ma ta tha na Phairisich 's na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseachd?

12 Thuirt e riutha, 's e freagairt: Tha Elias ri tighinn an toiseachd, agus ath-shuidhichidh e a h-uile ni; is mar tha e sgriobhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, 's gum faigh e taire.

13 Ach tha mi ag radh ribh, gun tainig Elias, ('s gun d' rinn iad air gach ni b' aill leo) mar tha sgriobhte mu dheidhinn.

14 'Sa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh mun timcheall, 's na Sgriobhaich a deaspud riutha.

15 'S cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac ioghnadh agus uamhas iad, sa ruith ga ionnsuidh chuir iad failt' air.

16 Agus dh' fhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile?

17 Is fhreagair fear den t-sluagh, ag radh: A mhaighistir, thug mi gad ionnsuidh mo mhac anns a bheil spiorad balbh.

18 Agus, ge be aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri lar, agus tha e cur a mach cobhair, 'sa diosgail le fhiaclan, sa seargadh as: is thuirt mi rid dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha b' urrainn dhaibh.

19 'Sa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, De cho fad sa bhitheas mi maille ribh? De cho fad sa chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e.

20 Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; is bhuaileadh e ris an lar, agus chuir e caran dheth is cop mu bhial.

21 Is dh' fhaighnich e dhe athair: De cho fad bho na thachair so dha? Is thuirt esan: Bho na bha e 'na leanabh.

22 Agus is tric a thilg e san teine is anns an uisge e, gu cur as dha: ach ma tha ni sam bith nad chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn.

23 Is thuirt Iosa ris: Ma 's urrainn dhut creidsinn! is comasach a h-uile ni don chreideach.

24 Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich m' ana-creideamh.

25 Is nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh tha mi ag aithneadh ort, theirig a mach as 's na rach a stigh ann tuilleadh.

26 Agus chaidh e mach as, ag eigheach, 's ga riabadh gu goirt: agus dh'fhas e coltach ri duine marbh, air chor 's gun robh moran ag radh: Tha e marbh.

27 Ach Iosa a breith air laimh air, thog e e, agus dh' eirich e.

28 'S nuair chaidh e stigh dhan tigh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth, 's iad leo fhein: Carson nach b' urrainn dhuinn a thilgeadh a mach?

29 Is thuirt e riutha: Chan urrainn don t-seorsa so an tilgeadh a mach air sheol sam bith, ach le urnaigh 's le traisg.

30 'Sa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; 's cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air an so.

31 Oir bha e teagasg a dheisciopul, 's ag radh riutha: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, 's gum marbhadh iad e, 's an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha.

32 Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgath orra fharraid dheth.

33 Is thainig iad gu Capharnaum. 'S nuair a bha iad san tigh, dh' fhaighnich e dhiu: De an deaspud a bh'agaibh air an rathad?

34 Ach bha iadsan samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh.

35 'Sa suidhe, ghairm e na dha dhiag, is thuirt e riutha: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus 'na sheirbhiseach dhaibh uile.

36 'Sa breith air leanabh, chuir e 'nam miadhon e ; 's an deigh a ghlacadh 'na uchd, thuirt e riutha:

37 Co sam bith ghabhas ri leanabh den leithidean so nam ainmsa, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith ghabhas riumsa, chan ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi.

38 Agus fhreagair Eoin e, ag radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eile gar leantuinn-ne, a tilgeadh a mach dheomhan na d' ainmsa, agus bhac sinn e.

39 Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir chan eil aon sam bith, a ni miarailt nam ainmsa, a 's urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc nam aghaidh:

40 Oir an neach nach eil nur n-aghaidh, tha e leibh.

41 Oir co sam bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge nam ainmsa, a chionn's gur le Criosda sibh: gu firinneach tha mi ag radh ribh: cha chaill e dhuais.

42 Agus co sam bith bheir sgainneal do h-aon den fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, b' fhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, 'sa bhith air a thilgeil sa mhuir.

43 'S ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dhol le da laimh a dh' iutharna gu teine nach smalar:

44 Far nach basaich a chnuimh aca, 's nach smalar an teine.

45 Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le da chois a dh' iutharna gu teine nach tig as:

46 Far nach basaich a chnuimh aca, 's nach smalar an teine.

47 Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: 's fhearr dhut a dhol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh led dha shuil ann an teine iutharna:

48 Far nach basaich a chruimh aca, 'S nach smalar an teine.

49 Oir saillear gach aon le teine, is saillear gach iobairt le salann.

50 Tha salann math: ach ma dh' fhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein.

   
Scroll to see more.