Mark 14

Scots Gaelic (Gospel of Mark)

Studovat vnitřní smysl

← Mark 13   Mark 15 →

1 A nis bha feill na casga 's an arain neo-ghoirtichte an ceann da latha: is bha na h-ard-shagairt,'s na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, sa mharbhadh iad e.

2 Ach thuirt iad: Chan ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dh' fhaoidte am measg an t-sluaigh.

3 'S nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, 'sa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dh' ola phriseil spicnaird, 'sa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i.

4 A nis bha cuid a bha diumbach unnta fhein, ag radh : Carson a rinneadh am milleadh so air an ola?

5 Oir dh' fhaoidte an ola so reic air son corr is tri fichead sgilinn, 's an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur 'na h-aghaidh.

6 Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, carson tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa.

7 Oir tha na bochdan daonnan agaibh; is faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha bhith mise daonnan agaibh.

8 Rinn i na b'urrainn dhi: thainig i ro-laimh a dh' ungadh mo chuirp air son an adhlaic.

9 Gu firinneach tha mi gradh ribh :ge b' e aite an teid an soisgeul so a shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i mar chuimhneachan oirre.

10 Is dh' fhalbh Iudas Iscariot, fear de na dha dhiag, a dh' ionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh.

11 Air dhaibhsan so a chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Is bha esan a siredh ciamar gheibheadh e cothrom air a bhrath.

12 'S air a chiad latha den aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad ag iobradh na casga, thuirt a dheisciopuil ris: Caite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, 's gun ith thu a chaisg?

13 Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riutha: Rachaibh a stigh don bhaile is tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e;

14 Agus ge b' e aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gu bheil am maighistir ag radh: Caite a bheil mo sheomar-bidh, far an ith mi a chaisg comhla rim dheisciopuil?

15 Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bidh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn.

16 Is dh' fhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad dhan bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riutha, agus dheasaich iad a chaisg.

17 Agus na thainig am feasgar, rainig e leis na dha dhiag.

18 Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a bhord, 's ag ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum brath fear agaibh, a th' ag ithe maille rium, mi.

19 Agus thoisich iadsan ri bhith muladach, 's gach aon ri radh mu seach ris: Am mise e?

20 Is thuirt e riutha: Se am fear den da fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis.

21 'S gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgriobhte mu dheidhinnn: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhan duine sin nach do rugadh riamh e.

22 'S nuair a bha iad ag ithe, ghlac Iosa aran; 's ga bheannachadh, bhrist e , agus thug e dhaibh e, is thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa.

23 Agus ghlac e chailis, 'sa toirt taing thug e dhaibh i; is dh' ol iad uile dhi.

24 Is thuirt e riutha: Si so m' fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain.

25 Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach ol mi a so suas de thoradh na fionain, gus an latha sin air an ol mi ur e ann an rioghachd Dhe.

26 'S nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit.

27 Is thuirt Iosa riutha: Gabhaidh sibh uile sgainneal asam-sa air an oidhche nochd oir tha e sgriobhte: Buailidh mi am buachaille is sgapar na caoraich.

28 Ach an deigh m' aiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile.

29 Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise.

30 Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi ag radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach da uair, gun aicheadh thu mi tri uairean.

31 Ach 'sann an sin bu dana a labhair e: Ged b' fheudar dhomh am bas fhulang maille riut, chan aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile.

32 Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Is thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh.

33 Agus thug e leis Peadar, is Seumas, is Eoin; agus bha e fo amhghar agus fo imcheist ro-mhor.

34 Is thuirt e riutha: Tha m' anam bronach gu ruig am bas : fanaibh an so, is dianaibh faire.

35 'Sa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; is ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air:

36 Is thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni nad chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach chan e nas aill leamsa, ach nas aill leatsa.

37 Agus thainig e, 'is fhuair e iad 'nan cadal. Is thuirt e ri Peadar: A Shimoin, a bheil thu nad chadal? nach burrainn dhut aon uair a chaithris?

38 Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh deonach, ach than fheoil lag.

39 'Sa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna.

40 'Sa tilleadh, fhuair e rithist iad 'nan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca de a chanadh iad ris.

41 Agus thainig e an treas uair, is thuirt e riutha: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: th' an uair air tighinn : seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach.

42 Eiribh, falbhamaid, seall, tha esan a bhrathas mi faisg.

43 Bha e fhathast a labhairt, nuair thainig Iudas Iscariot fear de na dha dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, 's le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, 's na seanairean.

44 Agus bh' am brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, ag radh: Ge b' e neach dhan toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach.

45 'S nuair a rainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, is thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e.

46 Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e.

47 Ach tharruinn aon den fheadhainn a bha san lathair a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth.

48 Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: An tainig sibh a mach le claidhean 's le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi?

49 Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach 'sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so.

50 An sin a dheisciopuil ga threigsnin, theich iad uile.

51 Ach lean duin' og araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air.

52 Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte.

53 Is thug iad leo Iosa, thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean.

54 Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cuirt an ard-shagairt; 's bha e 'na shuidhe maille ris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein.

55 Agus dh' iarr na h-ard-shagairt, 'sa chomhairle uile, fianais an aghaidh Iosa, gus a chuir gu bas, agus cha d'fhuair iad sin.

56 Oir bha moran a toirt fianuise-breige 'na aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh.

57 Agus bha cuid a dh' eirich suas, 'sa thog fianuis-bhreige na aghaidh, ag radh:

58 Chuala sinn e ag radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach d' rinneadh le lamhan.

59 Is cha robh an teisteanas acasan a cordadh.

60 Agus an t-ard-shagart ag eirigh nam miadhon, cheasnaich e Iosa, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nithean a tha iad so a cur as do leth?

61 Ach dh' fhan esan na thosd, agus cha tuirt e guth. Agus dh' fharraid an t-ard-shagart dheth rithist, is thuirt e ris: An tu an Chiosda, Mac an De bheannaichte?

62 Is thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine 'na shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, 'sa tighinn air neoil nan speur.

63 An sin an t-ard-shagart a stracadh 'eididh, thuirt e: Ciod am feum thagainn tuilleadh air fianuisean?

64 Chuala sibh am blaisbheum: De ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bas.

65 Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, 's ri comhdach 'aodainn, 's ri bualadh dhorn air, 's ri radh ris: Faisnich; agus bhuail na seirbhisich lem basan e.

66 'S nuair a bha Peadair gu h-iosal anns a chuirt, thainig te de shearbhantan an ard-shagairt;

67 'S nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth.

68 Ach dh'aicheadh esan, ag radh: Chan aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu ag radh. Agus dh'fhalbh e mach gu bialaobh na cuirte, agus ghoir an coiloach.

69 Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thoisich i ri innse don fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt: 'Sann dhiu am fear so.

70 Is dh' aicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: Sann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galileach thu.

71 Ach thoisich esan ri mollachadh 's ri mionnachadh: Chan aithne dhomh an duine so mu bheil sibh a labhairt.

72 Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Is chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach da uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thoisich e air gal.

← Mark 13   Mark 15 →
Studovat vnitřní smysl

Komentář k této kapitole:

Příběhy:

Vysvětlení nebo odkazy ze Swedenborgových prací:

Arcana Coelestia 1787, 2187, 2343, 2788, 2798, 2813, 2819 ...

Apocalypse Revealed 24, 289, 336, 379, 493, 520, 642 ...

The Lord 11, 12, 14, 19, 27

Sacred Scripture 49

True Christianity 262

The New Jerusalem and its Heavenly Doctrine 122

Ukázat odkazy z nepublikovaných děl Swedenborga




Přeložit:
Sdílet: