34
'Sa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Ma 's aill le neach sam bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, is togadh e chrois, agus leanadh e mi.
35
Oir co sam bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sam bith a chailleas a bheatha air mo shonsa, 's air son an t-soisgeil, sabhailidh e i.
36
Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam?
37
No ciod a bheir duine an eirig anma?
38
Oir an neach a ghabhas naire asam-sa, is as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire assan-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha.