28
Is thainig fear de na Sgriobhaich, a chuala iad a consachadh, 'sa faicinn gur math a fhreagair e iad, dh' fharraid e dheth: ciod i a chiad fhainte dhiu uile.
29
Is fhreagair Iosa e: Gum b' i a chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia :
30
Agus bheir thu gaol don Tighearna do Dhia le t-uile chridhe, agus le t-uile anam, agus le t-uile inntinn, agas le t-uile neart. Se so a chiad fhainte.
31
Agus tha an darna fainte coltach rithe : Bheir thu gaol dhad choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so chan eil fainte eile ann.
32
Is thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gu bheil aon Dia ann, 's nach eil ann ach e;
33
'S gur e gaol thoirt dha leis an uile chridhe, 's leis an uile anam, 's leis an uil' inntinn, agus leis an uile neart ; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile.
34
Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Chan eil thu fada bho rioghachd Dhe. Is bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air.